24 lines
1.2 KiB
Text
24 lines
1.2 KiB
Text
Tha K-9 Mail na chlian puist-d le còd fosgailte a dh’obraicheas cha mhòr le solaraiche puist sam bith.
|
||
|
||
<b>Gleusan</b>
|
||
|
||
* Taic ri iomadh cunntas
|
||
* Bogsa a-steach co-aonaichte
|
||
* Math a thaobh prìobhaideachd (gun tracadh sam bith, cha dèan e ach do cheangal ris an t-solaraiche phuist agad)
|
||
* Sioncronachadh fèin-obrachail sa chùlaibh no brathan push
|
||
* Lorg ionadail no air taobh an fhrithealaiche
|
||
* Crioptachadh puist-d OpenPGP (PGP/MIME)
|
||
|
||
Stàlaich aplacaid <a href="https://f-droid.org/packages/org.sufficientlysecure.keychain">OpenKeychain: Easy PGP</a> airson am post-d agad a chrioptachadh/dhì-chrioptachadh le OpenPGP.
|
||
|
||
|
||
<b>Taic</b>
|
||
|
||
Ma tha duilgheadas agad le K-9 Mail, buail air <a href="https://forum.k9mail.app">fòram na taice</a> againn.
|
||
|
||
|
||
<b>Airson taic a chumail ris a’ phròiseact?</b>
|
||
|
||
’S e pròiseact coimhearsnachd a th’ ann an K-9 Mail. Ma tha thu airson làmh-chuideachaidh a chumail rinn, siuthad!
|
||
Chì thu tracaiche nam buga, an còd is an uici aig <a href="https://github.com/thunderbird/thunderbird-android">https://github.com/thunderbird/thunderbird-android</a>.
|
||
Tha fàilte ro luchd-leasachaidh ’s dealbhaidh, daoine a nì docamaideadh no triaghais air bugaichean, eadar-theangadairean agus caraidean an-còmhnaidh.
|