Tha K-9 Mail na chlian puist-d le còd fosgailte a dh’obraicheas cha mhòr le solaraiche puist sam bith.
Gleusan
* Taic ri iomadh cunntas
* Bogsa a-steach co-aonaichte
* Math a thaobh prìobhaideachd (gun tracadh sam bith, cha dèan e ach do cheangal ris an t-solaraiche phuist agad)
* Sioncronachadh fèin-obrachail sa chùlaibh no brathan push
* Lorg ionadail no air taobh an fhrithealaiche
* Crioptachadh puist-d OpenPGP (PGP/MIME)
Stàlaich aplacaid OpenKeychain: Easy PGP airson am post-d agad a chrioptachadh/dhì-chrioptachadh le OpenPGP.
Taic
Ma tha duilgheadas agad le K-9 Mail, buail air fòram na taice againn.
Airson taic a chumail ris a’ phròiseact?
’S e pròiseact coimhearsnachd a th’ ann an K-9 Mail. Ma tha thu airson làmh-chuideachaidh a chumail rinn, siuthad!
Chì thu tracaiche nam buga, an còd is an uici aig https://github.com/thunderbird/thunderbird-android.
Tha fàilte ro luchd-leasachaidh ’s dealbhaidh, daoine a nì docamaideadh no triaghais air bugaichean, eadar-theangadairean agus caraidean an-còmhnaidh.